Buannachdan
Advantages
Tha Gàidhlig a’ cur ri foghlam, eaconamaidh, dualchas, cànan agus cultar na h-alba mar aon de na cànain oifigeil na dùthcha. Tha barrachd tuigse aig luchd-labhairt na Gàidhlig air dearbh-aithne cultarach agus farsaing na h-Alba.
→ Gaelic makes a valuable contribution to Scotland's education, economy, heritage, language and culture as an official language of Scotland. Gaelic bilinguals have a better understanding of the wider Scottish cultural identity.
Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil clann a tha a’ tuigsinn barrachd na aon cànan comasach air smaoineachadh ann an dòigh nas sùbailte agus nas cruthaile.
→ Research shows that children who understand more than one language are able to think more flexibly and creatively.
Tha dà-chànanas a’ cuideachadh clann ann a bhith nas mothachaile de chànain agus mar tha iad ag obair. Tha seo ga dhèanamh nas fhasa a bhith ag ionnsachadh cànain eile.
→ Being bilingual helps children become more aware of language itself and how it works. This makes it easier to learn other languages.
Tha raon farsaing de chothroman-obrach inntinneach agus eadar-dhealaichte ann do dhaoine òga le theisteanas ann an Gàidhlig. Tha ar sgoilearan a’ leasachadh sgilean a bhios gu math feumail ann an saoghal na h-obrach.
→ A wide range of interesting and different career opportunities exists for young people who have a qualification in Gaelic. Our pupils develop skills that are very useful in the world of work.