Gaelic Medium Education

Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig

Gaelic Medium Education

Tha sinn pròiseil Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig a thabhainn do sgoilearan aig Àrd-sgoil an Òbain. Tha ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig a’ toirt iomadh cothrom do sgoilearan a thaobh foghlaim, cultar agus dualchas a’ choimhearsnachd aca fhèin agus air feadh na h-Alba, agus a’ leasachadh an sgilean cànain, conaltraidh, èisteachd, leughaidh agus iomadh sgil eile aig an aon àm. 

We are proud to offer Gaelic Medium to pupils at Oban High School. Learning through the medium of Gaelic gives many opportunities to pupils in terms of education, the culture and heritage of their own community and across Scotland, while developing their language, communication, listening, reading and many other skills at the same time.

Tha sinne aig Àrd-sgoil an Òbain a’ cur luach anns a’ Ghàidhlig agus bidh sinn a’ brosnachadh ar sgoilearan gu bhith leantainn orra leis an ionnsachadh Gàidhlig aca. Faodaidh iad cùrsaichean Nàiseanta SQA a dhèanamh suas gu Sàr Àrd-Ìre.

We at Oban High School value Gaelic and we encourage our pupils to continue with their Gaelic learning. They can do National SQA courses up to Advanced Higher.

Tha e a’ cheart cho cudromach cothroman an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-miugh a’ chlas a thabhainn dha sgoilearan agus a tha sinne aig Àrd-sgoil an Òbain  a’ strì gus pàirt a ghabhail ann am pròiseactan steidhichte agus cothroman ionadail a chruthachadh dhaibh. Thairis na bliadhnaichean, tha sgoilearan air pàirt a ghabhail ann am Modan Ionadail agus Nàiseanta, Farpaisean Film G, An Deasbad Nàiseanta, Seachdain na Gàidhlig, Latha na Dreuchdan, turasan gu Sabhal Mòr Ostaig agus mòran a bharrachd. Tha sinn cuideachd a’ brosnachadh ceanglaichean le sgoiltean eile agus ar coimhearsnachd fhèin. Bidh sinn a’ gabhail pàirt ann an leughadh còmhla ri na bun-sgoiltean, cuairtean sa bhaile, buidhnean Gàidhlig ionadail, co-fharpaisean iomain tro mheadhan na Gàidhlig, turasan cultarach, agus iomadh iomairt eile. Tha sinn ag obair gus an liosta seo a leudachadh agus barrachd chothroman a thabhainn gu ar sgoilearan.

It is just as important to offer pupils opportunities to use their Gaelic outside of the classroom and we at Oban High School strive to take part in established projects and to create local opportunities for them. Over the years, pupils have taken part in Local and National Mods, Film G Competitions, The National Debate, Gaelic Week, Gaelic Careers Days, trips to Sabhal Mòr Ostaig and much more. We also encourage links with other schools and our community. We take part in reading with the primary schools, excusions in the town, local Gaelic groups, shinty competitions through the medium of Gaelic, cultural trips and many other ventures. We are working to expand this list and offer more opportunities to our pupils.